Leabaidh agus Bracaist
Sràid MhicSheumais, Bogh Mòr, Eilean Ìle
Fòn 01496 810307
| dachaigh | a’ ruigsinn | tachartasan | prìsean is cuir fios|
Bogh Mòr, Eilean Ìle
Tha baile Seòrasach Bhogh Mhòir suidhichte air taobh sear Loch na Dàlach, ann an àrainn am meadhan an eilein. ‘S e sàr àite fuirich a th’ ann am Bogh Mòr airson tadhal air a’ phailteas de rudan gasta, na h-ochd taighean-staile agus seallaidhean-tìre tiomal foirfe.
Stèidhicheadh Bogh Mòr ann an 1768. B’ e seo a’ chiad baile innlichte ann an Alba agus tha e co-aoiseach le Baile Ùr Dhùn Èideann. Tha am baile air a shuidheachadh air cliath, leis a’ Phrìomh Shràid sa mheadhan. Thèid a’ Phrìomh Shràid bhon Eaglais Chruinn, seud ailltearachd Bhogh Mhòir, cha mhòr don chidhe far an tòisich Sràid a’ Chladaich.
Tha An Cuan Leabaidh is Bracaist suidhichte air Sràid MhicSheumais a dhealaicheas bhon Phrìomh Shràid, agus a tha faisg air an Eaglais Chruinn agus taigh-staile ainmeil Bhogh Mhòir. Nì ar suidheachadh meadhanach ann am Bogh Mòr agus Eilean Ìle, An Cuan na shàr àite ‘son rannsachadh an eilein air fad agus ‘son tadhal air na h-ochd taighean-staile ainmeil.
Nuair a bhios bhur n-ùine ann an Ìle feumach air àite-fuirich fèin-chòcaireachd, faicibh ar làrach-lìn aig www.islayholidaycottage.co.uk ‘son fiosrachadh air ar taigh air màl An Cala, ann am Port Sgioba, Eilean Ìle.